Songtexte.com Drucklogo

Trod Songtext
von Mànran

Trod Songtext

Teann a-null ′s na fuirich rium,
Bhon 's e mo dhiomb a choisinn thu,
Fuirich sàmhach air mo chùlaibh,
Sùgradh cha bhith nochd againn.

Latha dhomh ′s mi agòl an drama,
Còmhla ri òigearan glana,
Ged a bha mo bheansa banail,
'S sgainnealach a throid i rium.

Labhair ise sin na briathran,
"Fàsaidh tu d' shruthaire breugach,
′S eagal leam nach paigh thu d′ fhiachan,
'S e do ghnìomh tha coltach ris!"


"Chan fhuiling mi bonn a d′ bheadradh,
Air moch no anmoch no feasgar,
'S fheàrr leat comunn nan stòb beaga
′S thoill thu leasan goirt thoirt dhut!"

"Thug thu òg do cheannas-cinnidh
Do Mhac an Tòisich an gille; bhon
A rinn an t-òl do mhilleadh,
Ad mhire chan eil toirt agam!"

"'S olc an obair dhut bhith daonnan,
A′ tighinn dhachaigh air an daoraich,
Cuiridh tu mise gu caoineadh,
'S dh'aognaich fear do choltais mi."

"Tha thu gun bhriogais, gun fhèileadh,
S e air tolladh air do shlèisnean,
′S ciamar a nì mi dhut èideadh?
Chuir thu fèin gu bochdainn mi."

Songtext kommentieren

Log dich ein um einen Eintrag zu schreiben.
Schreibe den ersten Kommentar!

Beliebte Songtexte
von Mànran

Fans

»Trod« gefällt bisher niemandem.