Songtexte.com Drucklogo

Smeòrach Chlann Dòmhnaill Songtext
von Julie Fowlis

Smeòrach Chlann Dòmhnaill Songtext

Hoilibheag hilibheag hò-aill-il ò,
Hoilibheag hilibheag hò-rò ì,
Hoilibheag hilibheag hò-aill-il ò,
Smeòrach le Clann Dòmhnaill mì.

Smeòrach mis′ air ùrlar Phaibil
Crùbadh ann an dùsal cadail,
Gun deòrachd a thèid na 's fhaide,
Truimid mo bhròn, thòirleum m′ aigne.

Smeòrach mis' air mullach beinne
'G amharc grèin′ is speuran soilleir;
Thig mi stòlda chòir na coille -
Bidh mi beò air treòdas eile.


Ma mholas gach eun a thìr fèin
Cuim thar èis nach moladh mise
Tìr nan curaidh, tìr nan cliar,
An tìr bhiadhchar, fhialaidh mhiosail?

′N tìr nach caol ri cois na mara,
An tìr ghaolach, chaomhnach, channach,
An tìr laoghach, uanach, mheannach:
Tìr an arain, bhainneach, mhealach.

An Cladh Chomhghain mise rugadh,
'N Àird an Rùnair fhuair mi togail,
Fradharc a′ chuain uaibhrich chuislich,
Nan stuagh guanach cluaineach cluiceach.

Measg Chlann Dòmhnaill fhuair mi m' altrum -
Buidheann nan seòl ′s nan sròl daithe,
Nan long luath air chuantaibh farsaing,
Aiteam nach ciùin rùsgadh ghlaslann.

Songtext kommentieren

Log dich ein um einen Eintrag zu schreiben.
Schreibe den ersten Kommentar!

Quiz
Wer ist gemeint mit „The King of Pop“?

Fans

»Smeòrach Chlann Dòmhnaill« gefällt bisher niemandem.