Songtexte.com Drucklogo

Breisleach Songtext
von Capercaillie

Breisleach Songtext

Chaidh mi ′n dé dhan choille challtainn
Shireadh chnòthan airson biadh
Ach 's e bh′ air a h-uile geug
Ach d' aodann-sa gam thriall
Chaidh mi 'n dè gu tràigh a′ mhaoraich
Lòn de choilleagan a bhuain
Nochd a h-uile slige neamhnaid
D′ àilleachd-sa a luaidh


Chaidh mi staigh dhan aon taigh-òsda
Son do sgiùrsadh as mo cheann
H-uile glainne thog mi thaom
Do mhaiseachd aist' na deann
Chlaon mi tràth a-raoir dhan leabaidh
Thusa ruagadh as le suain
Ach cha tug thu cead dhomh cadal
Gus an dèanainn duan

Dh′ iarrainn-sa bhith saor od thòireadh
Ach gu bheil sinn roinnt o chèil'
Do chumadh bhith an àit′ do shamhla
Agam bhios an fhèill
Dh'fhàg thu mi ′nam bhaothair gòrach
Bòdhradh chàirdean le do chliù
Nuair a thig thu chì iad nach eil
Mearachd ann am fhiù


Chì iad sgurr a' danns le saobh-shruth
Famh is iolair' anns an ruidhl′
Stamh gu caomh ag altram sùbh-làir
Mireadh mu an sùil
Chì iad mis′ is thusa sùgradh
Bil ri bil ar n-anail aoint'
Cniadachadh mar seo gu sìor le
Chèile b′ e ar maoin

Songtext kommentieren

Log dich ein um einen Eintrag zu schreiben.
Schreibe den ersten Kommentar!

Quiz
Wer singt über den „Highway to Hell“?

Fans

»Breisleach« gefällt bisher niemandem.