Songtexte.com Drucklogo

Dhèanainn Sùgradh Songtext
von Mànran

Dhèanainn Sùgradh Songtext

Dhèanainn sùgradh ris an nigh′n duibh
'n deidh dhomh èirigh anns a′ mhadainn
Dhèanainn sùgradh ris an nigh'n duibh

Dhèanainn sùgradh ris a'ghruagaich
Nuair a bhiodh an sluagh nan cadal

Dhèanainn sùgradh an àm dùsgaidh
′N àm na siùil a bhith ′gam pasgadh

DiLuain an dèidh DiDòmhnaich
Dh'fhalbh sinn le Seonaid à Arcaibh

Bha muir gorm a′ ruith fo cuinnlean
'S i cur still à grunnd an aigeil


Riof ga ceangal ′s riof ga fuasgladh
muir ma guallain, fuaim is fead oirr'

Null ma Chaolas na Ròimhe
b′fheudar dhuinn am bòm a leaiseadh

Null ma chaolas na Frainge
Maide 'na làimh, gaoth ga greasad

Cha robh ròp a feum a splaidhseadh
Air mo mhaighdinn ri tighinn dhachaigh

Dh'fheumadh pòrsan thoirt à bùth dhith
Ged a bhiodh e crùn an cairteal

Ged a bhiodh a crùn an t-òirleach
Dh′fheumar pòrsan dheth thoirt dhachaigh

Songtext kommentieren

Log dich ein um einen Eintrag zu schreiben.
Schreibe den ersten Kommentar!

Beliebte Songtexte
von Mànran

Quiz
Wer singt das Lied „Applause“?

Fans

»Dhèanainn Sùgradh« gefällt bisher niemandem.