Songtexte.com Drucklogo

Muile Songtext
von Tide Lines

Muile Songtext

Bho ′n tha mi gun sunnd, 's gur dùth dhomh mulad,
Cha tog mi mo shùil, ri sùgradh tuilleadh
Cha tèid mi le mùirn gu cùirt nan cruinneag,
′S mo rùn am Muile nam mòr bheann

Am Muile nan craobh tha 'mhaighdean bhanail,
Don tug mi mo ghaoil 's mi faoin ′am bharail;
′S ma chaidh e fo sgaoil 's nach faod mi ′faighinn
Gun taobh mi caileagan Chòmhaill

Bho 'n tha mi gun sunnd, ′s gur dùth dhomh mulad,
Cha tog mi mo shùil, ri sùgradh tuilleadh
Cha tèid mi le mùirn gu cùirt nan cruinneag,
'S mo rùn am Muile nam mòr bheann

Do shlìos mar an fhaoilean, taobh na mara,
Do ghruaidh mar an caorann, sgaoilt′ air mheangan;
Sùil ghorm a's glan aoidh fo chaoin-rosg thana
'S tu ′n òigh a mhealladh gach òigear


Bho ′n tha mi gun sunnd, 's gur dùth dhomh mulad,
Cha tog mi mo shùil, ri sùgradh tuilleadh
Cha tèid mi le mùirn gu cùirt nan cruinneag,
′S mo rùn am Muile nam mòr bheann

Tha smuaine neo dhà an tràth-s air m' aire;
Cha ′n innis mi chàch ceann-fàth mo ghalair;
Ged laidheas mi tràth, cha tàmh dhomh cadal,
'S do ghràdh ga m′ sgaradh an còmhnaidh

Bho 'n tha mi gun sunnd, 's gur dùth dhomh mulad,
Cha tog mi mo shùil, ri sùgradh tuilleadh
Cha tèid mi le mùirn gu cùirt nan cruinneag,
′S mo rùn am Muile nam mòr bheann

Bho ′n tha mi gun sunnd, 's gur dùth dhomh mulad,
Cha tog mi mo shùil, ri sùgradh tuilleadh
Cha tèid mi le mùirn gu cùirt nan cruinneag,
′S mo rùn am Muile nam mòr bheann
'S mo rùn am Muile nam mòr bheann

Songtext kommentieren

Log dich ein um einen Eintrag zu schreiben.
Schreibe den ersten Kommentar!

Quiz
Wer ist gemeint mit „The King of Pop“?

Fans

»Muile« gefällt bisher niemandem.