Songtexte.com Drucklogo

Màiri Bhàn Dhail an Eas Songtext
von Mary Jane Lamond

Màiri Bhàn Dhail an Eas Songtext

S′ mithich dhòmhsa tòiseachadh
Is m' òran chur an cèill
Gur fhada bhon bu chòir dha
Bhi ann an òrduigh rèidh
Tha m′ inntinn-sa cho luaineach
Ri gaoith tuath air bhàrr nan geug
Ma s' e gum pòs a' ghruagach
Tha shuas ann an Gleann Èit′

Gur bòidheach leam a dh′fhàs thu
Bho d' bhàrr gu sàil do bhuinn
Chan eil cron ri àireamh ort
′S tu bean an nàduir ghrinn
Nar mhealam-sa mo shlàinte
Gu 'n b′ fheàrr leam nam bhi 'm rìgh
Cead bhi laighe làimh riut
Mo làmh fo′ do mhuineal mìn


Gur lìonmhor màis ri' h-aithris
Air an ainnir is math shnuadh
Do shlios geal mar an caineal
No mar eala na tonn uain'
Shiubhail mi bho ′n Apuinn
A-mach gu Uisge Chluaidh
′S bean t' aogais anns an astar sin
Cha ′n fhaca mis', a luaidh

Tha falt bachlach bòidheach ort
Air dhath an òir ′na dhuail
Gur fiamhach sgiamhach, òrbhuidhe
Ann 'n òrduigh ann na cuaich
Bha m′ inntinn-sa làn sòlais
Nuair bha mi chòmhnuidh shuas
'S a nise bho 'n a dh′fhàg mi a
Chan eil mo thàmh ach truagh

Tha nìonagan an àite seo
Ri tàir orm gu mòr
Gu′n d' thuirt iad rium am "bachelor"
′S gu bheil mi sean gu leòir
Cha b' i ′n aois a liatha
Mo chiabhagan cho mòr
Ach sìoban na tonn dubh ghorm
A' tighinn bho chùl nan seòl


Gur lìonmhor anns an àite seo
Mo nàimhdean bho chionn greis
A chionn gu′n d' thug mi gràdh
Dhan nighean bhàin tha 'nn Dail an Eas
Tha fleasgaich anns an àite seo
Gum b′ fheàrr leò gun robh mis′
Ann iomall domhain fad air falbh
Gun earbsa ri tighinn às

Ged a bhithinn fad air falbh
Bhiodh m' earbsa ri tighinn as
A shealltainn air mo ghràdh
An nigh′nn bhàn a's àillidh dreach
Chan eil e anns an àl seo
No ′s an àl a thig am dhèigh
Bean do mhais' a Mhàiri
′S tu a' àille tha fo 'n ghrèin

′S ìseal a thuit m′ inntinn-sa
'S cha dìrich i ri m′ bheò
A chaoidh cha dèan mi innseadh
An nì sin tha 'gam leòn
′S gus an tèid mo thìodhlaiceadh
Ann cistidh dhìonaich bhòrd
Cha trèig mi gaol na h-ìghneige
Dh'fhàg m′ inntinn trom fo leòn

Songtext kommentieren

Log dich ein um einen Eintrag zu schreiben.
Schreibe den ersten Kommentar!

Beliebte Songtexte
von Mary Jane Lamond

Fans

»Màiri Bhàn Dhail an Eas« gefällt bisher niemandem.