Songtexte.com Drucklogo

Horo Mo Nighean Donn Bhòidheach nan Gormshuil Meallach (A Love Song) Songtext
von Mary Jane Lamond

Horo Mo Nighean Donn Bhòidheach nan Gormshuil Meallach (A Love Song) Songtext

A-raoir a rinn mi ′m bruadal
Dh'fhàg mo chadal luaineach
′S mur dèan mi do bhuannachd
'S truagh nach robh mi 's an talamh

Ho rò mo nighean donn bhòidheach
Nan gorm-shùil meallach
′S truagh nach robh sinn còmhla
Ged bhitheamaid falamh
O mo nighean donn bhòidheach
Nan gorm-shùil meallach

D′ aghaidh thana nàrach
Gu sealltainn an sgàthan
Ceud 's a thug mi m′ ghràdh dhut
A dh'fhàg mi air m′ aineol


Ho rò mo nighean donn bhòidheach
Nan gorm-shùil meallach
'S truagh nach robh sinn còmhla
Ged bhitheamaid falamh
O mo nighean donn bhòidheach
Nan gorm-shùil meallach

Tha do chliù ′s do bheusan
Co mire ri chéile
'S binne na na teudan
An téis a thig fo d' anail

Ho rò mo nighean donn bhòidheach
Nan gorm-shùil meallach
′S truagh nach robh sinn còmhla
Ged bhitheamaid falamh
O mo nighean donn bhòidheach
Nan gorm-shùil meallach

′S math thig an t-òmar
Am broilleach na h-oighidh
Stocainn shìod' is brògan
Bucaill òir ′gan ceangal


Ho rò mo nighean donn bhòidheach (Ho rò mo nighean donn bhòidheach)
Nan gorm-shùil meallach (Nan gorm-shùil meallach)
'S truagh nach robh sinn còmhla
Ged bhitheamaid falamh
O mo nighean donn bhòidheach (O mo nighean donn bhòidheach)
Nan gorm-shùil meallach (Nan gorm-shùil meallach)

Ach ma chuir thu cùl rium
′S coma leam co-dhiubh thu
Mo shoraidh 'gad ionnsaidh
Tha mi ′n dùrachd mhath dhut

Ho rò mo nighean donn bhòidheach (Ho rò mo nighean donn bhòidheach)
Nan gorm-shùil meallach (Nan gorm-shùil meallach)
'S truagh nach robh sinn còmhla
Ged bhitheamaid falamh
O mo nighean donn bhòidheach (O mo nighean donn bhòidheach)
Nan gorm-shùil meallach (Nan gorm-shùil meallach)

Ho rò mo nighean donn bhòidheach
Nan gorm-shùil meallach (Ho rò mo nighean donn bhòidheach)
(Nan gorm-shùil meallach)
'S truagh nach robh sinn còmhla
Ged bhitheamaid falamh

Ho rò mo nighean donn bhòidheach
Nan gorm-shùil meallach (Ho rò mo nighean donn bhòidheach)
(Nan gorm-shùil meallach) (Ho rò mo nighean donn bhòidheach)
(Nan gorm-shùil meallach)
′S truagh nach robh sinn còmhla
Ged bhitheamaid falamh

Ah ho rò mo nighean donn bhòidheach (Ho rò mo nighean donn bhòidheach)
Nan gorm-shùil meallach (Nan gorm-shùil meallach)

Songtext kommentieren

Log dich ein um einen Eintrag zu schreiben.
Schreibe den ersten Kommentar!

Beliebte Songtexte
von Mary Jane Lamond

Fans

»Horo Mo Nighean Donn Bhòidheach nan Gormshuil Meallach (A Love Song)« gefällt bisher niemandem.