Songtexte.com Drucklogo

É Horò Songtext
von Mary Jane Lamond

É Horò Songtext

Nuair a sheasas mi ′s an dorust
Chì mi 'choille bhos mo chinn
Sìnidh mo shùilean ri sileadh
Tha mo mhisneachd air a chlaoidh

É ho rò ′s 'na bheil air m' aire
′S mór a-nochd a tha mi ′caoidh
Ill ù ill ò gur mór mo luaidh ort
Ged nach d'fhuair mi thu dhomh fhìn

′S ann agam fhìn a bha na bràithrean
'S bi mi ′ga 'n àireamh a chaoidh
′S truagh nach robh mi aig a' charraig
Nuair a dh'éibh ′ad soraidh leibh

É ho rò ′s 'na bheil air m′ aire
'S mór a-nochd a tha mi ′caoidh
Ill ù ill ò gur mór mo luaidh ort
Ged nach d'fhuair mi thu dhomh fhìn


Nuair a ràna′ sinn an "Table"
Bha mo chuideachd gu léir ann cruinn
Mo phiuthar 's mo bhràthair-céile 's
Gun stiall eudaich air an druim

É ho rò ′s ′na bheil air m' aire
′S mór a-nochd a tha mi 'caoidh
Ill ù ill ò gur mór mo luaidh ort
Ged nach d′fhuair mi thu dhomh fhìn

Seiche na bà air a cairteadh
Air a càradh air mo dhruim
'S mi air stàbhradh leis an acrais
Col′as a' bhàis a' tighinn air m′ aghaidh

É ho rò ′s 'na bheil air m′ aire
'S mór a-nochd a tha mi ′caoidh
Ill ù ill ò gur mór mo luaidh ort
Ged nach d'fhuair mi thu dhomh fhìn

Nam biodh agam cliabh ′s corran
Feamain ìseal 's m' eathar fhìn
Cha bhiodh mo chlann air a′ bhrochan
′S an tìr mhosach 'gam o chlaoidh


É ho rò ′s 'na bheil air m′ aire
'S mór a-nochd a tha mi ′caoidh
Ill ù ill ò gur mór mo luaidh ort
Ged nach d'fhuair mi thu dhomh fhìn

Songtext kommentieren

Log dich ein um einen Eintrag zu schreiben.
Schreibe den ersten Kommentar!

Beliebte Songtexte
von Mary Jane Lamond

Quiz
Welche Band singt das Lied „Das Beste“?

Fans

»É Horò« gefällt bisher niemandem.