Songtexte.com Drucklogo

Cumha Aoghnuis Songtext
von Mary Jane Lamond

Cumha Aoghnuis Songtext

Gur mis′ tha, tha fo mhulad
'S mi air tulaich na h-àirigh

Hò rò ′s na hù ò
Falbh ho rò n-àill u
Hò rò 's na hù ò

'S mi ri coimhead na mara
Ag cur thairis a′ bhàta

Hò rò ′s na hù ò
Falbh ho rò n-àill u
Hò rò 's na hù ò

Mi ri coimhead na gillean
Air an linnidh ′g am bàthadh

Hò rò 's na hù ò
Falbh ho rò n-àill u
Hò rò ′s na hù ò

Mo thriùir bhràithrean ann 's m′ athair
Fear mo thaighe 's e chràdh mi


Hò rò 's na hù ò
Falbh ho rò n-àill u
Hò rò ′s na hù ò

Bàs Aonghuis a Barraidh
′S gur e sgar is a chràdh mi

Hò rò 's na hù ò
Falbh ho rò n-àill u
Hò rò ′s na hù ò

Chuir iad léine dhe à 'n anart
Gun bhannan mu d′ bhràghad

Hò rò 's na hù ò
Falbh ho rò n-àill u
Hò rò ′s na hù ò

Ann an chistidh chaoil, chumhaing
Air a dubhadh 's a tàirneadh

Hò rò 's na hù ò
Falbh ho rò n-àill u
Hò rò ′s na hù ò

Och nan och mar tha mise
Bean gun mhisneach gu bràth mi


Hò rò ′s na hù ò
Falbh ho rò n-àill u
Hò rò 's na hù ò

Tè gun mhac, gun fhear taighe
Tè gun aighear ′s gun slàinte

Hò rò 's na hù ò
Falbh ho rò n-àill u
Hò rò ′s na hù ò
Falbh ho rò n-àill u
Hò rò 's na hù ò

Songtext kommentieren

Log dich ein um einen Eintrag zu schreiben.
Schreibe den ersten Kommentar!

Beliebte Songtexte
von Mary Jane Lamond

Quiz
Wer besingt den „Summer of '69“?

Fans

»Cumha Aoghnuis« gefällt bisher niemandem.